NIGHEAN MHORAIR ULLINN.
Tha ’n triath gu ’thir a dol a null, ’S air fear a’ bhata dh’eibh e : “ Bheir mise dhuit de’n airgiod punnd, Is aisig mi’s mo cheile.” “ Ach co sibh fhein a readh fo sheol Air uisg cho dorcha is udlaidh P” “ ’S e Morair Ullin athair na h-oigh, ’S mi fein is triath air Ulbha — Tri laith dhuinn air ar’n eachaibhbras, Is daoine borb an toir oirnn ’S ma thig iad oirnn mas fhaigh sinn as Bithidh m’ fhuilsa dearg air moinntaich. Tha ’n eachruidh dian tighinn air ar sail, Is tha iad oirnne a’ teannadh ; O co bheir furtachd do mo ghradh >S a ceile reubt’ le’n lannaibh ?” Sin ghlaodh an Gaidheal, fuirbidh coir, “ Theid mise leibh’s cha’u airsneal, Cha-n ann air airgiod no air or, Ach air son na h-oighe maisich. Air m’ fhacal fein cha bhi an leug An cunnart an so fada Ged tha ’mhuir doirbh, bheir mi gu dearbh A null sibh thar an aisig.” Ach dh-at an tonn is an lear Bba tanaisg fhuar a gluasad Bha neul is gruaim air aghaidh an speur, ’S a ghaoth a dol an cruaidhead. A ghaoth ag eiridh’s tuinn a beucail, Is oiche air muir a tuirling ’N tra chualas toirm troimh mheadhain na stoirm Bha ’n eachruidh ’tarruing dluth or.’ “ 0 gluaiseabh, gluiseabh,” ars an oigh “Oir ged ’tha ’n t-athar’s greann air Is fearr dhuinn coinneamh ’thoirt do’n fhairge Na do’n fheirg ’tha teann oirnn.” Tha’m bata nis a mach o’n traigh ’S tha ’mhuir air cinntinn anrach Is cha-n’eil sta an neart na lamh, O’ truagh a nis an caramh. An aghaidh na sin is faoin a stri, Is faoin an gleachd ri stuaghan. Tha ’n t-athair a nis air tighinn le sith ’S an aite feirge, tha truaighe. Tha iomagain geur, ’s ro cheo nan deoir ’S an-aoibhinn dha an sealladh : Lamh gheal na h-oighe a sireadh comhnaidh Is lamb mun cuairt da leannan. “ 0 tilleabh, tilleabh,” ghlaodh e gu h-ard, “ S mo nighean aluinn channach, Do’n triath dha ’n tug thu fein do ghradh Bheir mis mo lamh le beannachd.” Ach, och nan och, bhris stuagh le leum, ’S tha ’n cobhar ban gam filleadh Tha ’n t-athair truagh a nis leis fhein, ’S gur trom a cheum a tilleadh !
Permanent link to this item
Hononga pūmau ki tēnei tūemi
https://paperspast.natlib.govt.nz/newspapers/SOCR18940512.2.30.2
Bibliographic details
Ngā taipitopito pukapuka
Southern Cross, Volume 2, Issue 6, 12 May 1894, Page 12
Word count
Tapeke kupu
382NIGHEAN MHORAIR ULLINN. Southern Cross, Volume 2, Issue 6, 12 May 1894, Page 12
Using this item
Te whakamahi i tēnei tūemi
No known copyright (New Zealand)
To the best of the National Library of New Zealand’s knowledge, under New Zealand law, there is no copyright in this item in New Zealand.
You can copy this item, share it, and post it on a blog or website. It can be modified, remixed and built upon. It can be used commercially. If reproducing this item, it is helpful to include the source.
For further information please refer to the Copyright guide.