Gaelic Column.
BLIADHNA MHAITH UR! Bliadhna mhaith ur dhuibh a dheadh fhir a phaipeir (ged nach tuig sibh fein, mo thruaighe, durd dhe na their mi) agus mar sin dhuibhse uile , mo luchd-leughaidh tearc no lionmhor. Is neo-mhall gu dearbh ceuman uine “ Mar chloich a’ ruith le gleann, feasgar fann foghair” thubhairt an seanfhacal. Seadh agus feasgar fann bliadhna., agus feasgar fann beatha, air a chul sin. Tha nollaig is bliadhn’ ur air tighinn oirnn ann am platha agus a’ toirt iomadh ni gu ar cuimhne, nithean is laithean agus daoine a dh’ fhabbh as an t-sealladh mar cheo, agus faoin-ionndiain a’ toirt suil chianail nan deigh air uairibh. Bithidh sin mar sin fhad sa bhios daoine nan daoine —’s cha bhiodh e nadarra mur bitheadh. Cha-n’eil teagamh nach ’eil rudeigin do cheill anns na thubhairt am bard. “ Bho’n a tha an saoghal so na cheo, ’S gur doigh dha’ bhi dol mu’n cuairt; Is fearr ’bhi subhach leis na dh’ fliuiricheas No ’bhi dubhach mu na chaidh’ thoirt uainn.” Biodh sin mar a dh’ fhaodas e, bheir a’ bliadhna ur gu ar cuimhne aman is aitean eile, is nithean nach tpill dhuinn tuilleadh. An uair a thainig sinn do ’n duthaich so, thainig sinn gu taobh eile an t-saoghal, far am bheil atharachadh mor air gach cuis. Cha mhor nach ann a tha gach ni mar gu’m biodh e air a thionndadh bun-os cion. An uair a tha am feasgar a’ ciaradh orra anns an duthaich a dh’ fhag sinn, tha grian na h-ath mhaidne ag eiridh oirnne an so. Tha e an deigh meadhon oidhche acasan ’n uair a tha meadhon-latha againne. An uair a tha gathan blatha an t-samhraidh a’ cuir maise air a bhliadhna uir dhuinn an so agus a’ cuir riomhadh air gach raon agus ail’d, tha iadsan a’ deanamh an toilinntin mar a dh’ fhaodas iad ann an dulachd a' gheamhraidh. Is docha gu bheil gach dais straicte le sneachd, no anail gheur reothta na gaoithe tuatha air teannachadh uachdar na talmhainn mar charraig. No faodidh gu bheil gaiilion gharbh a’ sguabadh muir agus tir ’s a’ cuir barr naxx tonn nan teine-sionnachain anns an speur. Dh’ fhag sinn n’ ar deigh gach faoilleach is gearran, fuathas is neart na doinionn mheallanaich, agus greann agus gart an fhuachd. Ach ma dh’ fhag, dh’ fhag sinn mar an ceudna moran a bha taitneach ’s air an d’ rinn cuimhxxe gx’eim a tha buan. Cha-n e a mhain na daoine ach eadhon na cnoic ’s na gleannan, coilie chubhraidh a bharraichispreasan nam cno, gu ruige ’na sobhrach beag maid a leith-cheilte ann am fi’ogan nam bruach. Cha bu bheag oirnn ri chluinntinn gloc mear a’ choilaich fhraoich, no toman tiamhaidh a’ choilaich dhubha agus gach seorsa a tha iad ami. Cha bu bheag, sealladh dhe na lochan alluin, is de’n
sgadan, le a lannan airgid—priomh iasg na linne. Acli feudair aideach* adh gun tug »n ioralaid leasachadh xnu ’n cuairt. Thainig saorse agns pailteas na’ luib, an aite na cruaidhe’s na gainne a chunnaic sinn’s air a bheil sinn fathast a’ chluinntinn. Chi sibh fear agus fear a bha aon uair na ’sgalaig, no ri obair-latha anns an duthaich mu thuath, a nis a’ togail a chinn gu smiorail ’s e na uachdaran fearainn. Chi sibh o a’ dol do’n eaglais na’a charbad fheiu gu h-eireachdail, a gbearran stblda ga tharruing gu reidh, ’s a bhean lamb ris sgeudaichte le gun tomadach neo-ghann ’s e s’an fhasan, agus boineid shuaicheanta a chuireadh tlac air bantighearna. Ma tha easbhuidh anns an tir so, cha-n ann aig athar no aig talamh a tha a choire. Ach an aite gainne s e a tha againn an drasda roic is fleadhachas, aiteas air gach laimh, druichd geana mar sholus ann an iomadh suil, cairdeas agus cridheals a’ coinneachadh a cheile’ agus an aimsir fhein uile da reir sin—a’ mhaduinn cheutach iuchair ag eiridh air a lethid de dhreach ’s gu bheil facail an tseann bhaird a co-fhreagradh ri ailleachd a gnuis : “A ghrian na h-bg raaidne, ag eiridh Air beanntan sear le do chiamhan br-bhuidhe, Is ait ceunian do theachd air an aonach, S’ gach caochan so ghleann ri gaire Tha cruinn uaine roimh dhriichd nam fras Ag eiridh gu bras ad chomhail Is filid bhinn nan coilltean fas A’ cuir failte ort gu moch le’n bran.” Tha caoimhneas is maitheas na haimsir fhein mar gu’m biodh iad a’ deanamh luaidh air an teachaireachd a thainig a stigh air an t-saoghal air a cheud oidhche nollaig: Bith air talamh deadh-ghean do dhaoinibh. Nadi rioghail am facal e, air tighinn a nuas troimh nan linntean cho ur is cho fior sa bha e ’n uair a chualas an guth air raon nam buachaillean anns an oidhche ud o chian. B’e am beud e bhi mar guth anns an fhasach. Is dur ro-mhall an cinne-daoine ann a bhi a’ foghlum a bhrigh. Eileaxach.
Permanent link to this item
Hononga pūmau ki tēnei tūemi
https://paperspast.natlib.govt.nz/newspapers/SOCR18940113.2.19
Bibliographic details
Ngā taipitopito pukapuka
Southern Cross, Volume 1, Issue 42, 13 January 1894, Page 6
Word count
Tapeke kupu
821Gaelic Column. Southern Cross, Volume 1, Issue 42, 13 January 1894, Page 6
Using this item
Te whakamahi i tēnei tūemi
No known copyright (New Zealand)
To the best of the National Library of New Zealand’s knowledge, under New Zealand law, there is no copyright in this item in New Zealand.
You can copy this item, share it, and post it on a blog or website. It can be modified, remixed and built upon. It can be used commercially. If reproducing this item, it is helpful to include the source.
For further information please refer to the Copyright guide.