Gaelic Column
SOCHAIRBAN CO-CHUMTJINN GHAIDHEALACH,
’S mi nig' atlia mifein a’ smaointinn air ddig-hean na duthcha so ’s a ? bheil mi nis a’ fuireach. Tha fuaralachd ri mor-clmis ri fhaotuinn nach robh idir ann an Daoine-uasai] flathail na ghaidealtachd. Ach tha *n duthaich fhein iongantach briadha thar gach tir eile a tha fo’n grein, tha i mor thorach ann an iomadach doigh agus tha i lan do dh’ iomadh ghne saoibhreis, cnid mhor duibh air nach d’ amais a’ meinneadair fathast. Ach air son sin cha-n’eil. amharus sam bith nach dh’ fhnair sin dearbhadh gu bheil saoibhreas gun aireamh ann an Breatinn a Mhaori. An uair a thug Mr McHutcheson dhuinn cunntas air an turns a thug e dh’ amhairc air ceud sealladh a’ dhomhain (Fiordland) thubhairt e nach robh e ’n comas peanna sam bith ann a’ laimh an fhir bu chomasach turesgeul cheart a thoir air bho ’n nach b’ urrain duine sam bith mian chunntas thoir air oirdheirceas greadhnachais aillidh na tire so, air an aobhar sin cha-n’eil feum dhomsa dol na’s faidte air son a cliu sheinn. Gidheadh tha ddighean an t-sluaigh lan feinealachd a bhi gaireach a’s mo na measg, mu tbachaireas do aon neach gu fullaing ais na dealbhibh saoghalta, no air aon doigh eile, cha-n faic sibh aon a ni bron air son call a choimhearsnaich : cha-n’eil an gradh’s an caoimhneas bha ri fhaotainn a measg na ghaidheil anns an tir duthchasach ri fhaotuinn an a so. Ach ’s math a dh’ fheudta gur e sin rathad na tire. Tha seann facal ag radh “ !S’ e fasan na duthcha agus s’e sin ania ni sinn.” Ma’seigin do’n t-seann fhacal so bhi ceart, feumaidh e bhi ceart mar an ceudna gun deach a chuid a’s mo de na ghaidheil tha fuirach ’s an tir so gle fhadaair sheacharan bho doighean na duthcha anns an deach am breith ’s an arach. Cha-n’eil ann a so cochomunn ri fhaotainn am measg na ghaidheil. Tha a chuid a’s mo dhuibh ri fhaotainn an am measg na Tnnseanaich : Ged nach eil iad cho lionmhor ’s an tir so s’a tha iad am measg a chuid’s mo de na ghaidheil. Ged is dnilieh learn a rath tha mi ann am barail gu bheil na Gnrgich moran ni’s dileas do chach a cheile na tha muinntir mo dhuthaich fein. Bho chian imadh bliadhna bha e mar chleachdadh aig gillean dga a bhi dol do Lunnuinn bho Albain agus bha imadh buaireadh a’ feitheamh orra ann’s a’ bhaile mhor sin, direach mar tha anns an tire so. Ach ann a n’ uine nach robh fada bha cnideachd caomhail gradhach de an Inch d-duth-cha ann a comas a bhi ’gabhail curam de na ghaidheil a thigidh do na bhaile mhor sin, bha tighean carthain aca air sgeula far am faighidh gaidheil a thigadh do’n baile coimhnuidh a’ gabhail. Aite comhnnidh anns am faighidh iad gach caomhalachd a nochdadh dhoibh. Agus duine sam bith a dh’ fhaighidh litir gu neach de na chuideachd so a dh’faighidh e an uair a. ruighidh e Lunnuinn gach sealladh a bitheadh feumail agus ro luachmhor dha gu bhith a’ seachnadh imodh gne cunnart bha bnailteach dha coinnichuin. ISTa’m bitheadh na gaidheil cho dileas ri cheile’s an tir so cha bhitheadh nair orra glnaisad air son co-chomuinn de an t-seorsa ceudna a shuidhachadh anns gach baile sam bithodh aireamh de na gaidheil a’ gabhail comhnnidh. Tha an sgriobhadh so gle fhada ach gabhibhs mo leisgeul, bhrosnaich litir “ Cabarfeidh ” mi. Tha obair an duine chomasich sin “ Bileanach ” an deigh teachd Ach feumidh mi co-duinadh mu’n leugh mi e. Feileadh-beag.
Permanent link to this item
Hononga pūmau ki tēnei tūemi
https://paperspast.natlib.govt.nz/newspapers/SOCR18931216.2.21
Bibliographic details
Ngā taipitopito pukapuka
Southern Cross, Volume 1, Issue 38, 16 December 1893, Page 7
Word count
Tapeke kupu
600Gaelic Column Southern Cross, Volume 1, Issue 38, 16 December 1893, Page 7
Using this item
Te whakamahi i tēnei tūemi
No known copyright (New Zealand)
To the best of the National Library of New Zealand’s knowledge, under New Zealand law, there is no copyright in this item in New Zealand.
You can copy this item, share it, and post it on a blog or website. It can be modified, remixed and built upon. It can be used commercially. If reproducing this item, it is helpful to include the source.
For further information please refer to the Copyright guide.